An Dr Sìleas NicLeòid - Co-labhairt Fhoghlaim 2023 | Sabhal Mòr Ostaig

Sdílet
Vložit
  • čas přidán 4. 12. 2023
  • A’ leasachadh fios a-steach cultarail ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG)
    Ann am foghlam tro mheadhan mion-chànain, thathar a' mothachadh gu tric gu bheil cuideam ga chur air ionnsachadh na cloinne ann an dòigh fhoirmeil a-mhàin, agus gu tric ann an coimeas ri foghlam tron mhòr-chànan: dè cho math is a tha na sgilean cànain aca ann an sgrìobhadh/leughadh/bruidhinn? Dè cho soirbheachail is a tha iad ann am matamataig? msaa.
    Anns a' phròiseact seo, bhathar airson sùil a thoirt air ionnsachadh cultarail ann am FMG gu sònraichte, le fòcas air carson a tha cultar cudromach ann am foghlam tro mhion-chànan sa chiad dol-a-mach, agus ciamar a ghabhadh ionnsachadh cultarail leasachadh anns na sgoiltean san latha an-diugh.

Komentáře •